Ends on November 6, 2019

Urras Leabhraichean na h-Alba ann an co-bhoinn le Alba Chruthachail agus Comhairle nan Leabhraichean

Ceann-latha deireannach: Diciadain 06 Samhain 2019, meadhan-latha

Ma bhios taic a dhìth ort leis an tagradh agad no gu bheil feumalachdan eile agad, feuch gun cuir thu fios thugainn.

Airson ceistean sam bith, cuir post-d gu: applications@scottishbooktrust.com

Tha Caidreabh Ignite (LAS) fosgailte do sgrìobhadairean stèidhichte uile a tha a’ coileanadh nan slatan-tomhais airson Stòr-dàta Litreachas Beò Urras Leabhraichean na h-Alba.  Chan fheum thu a bhith san stòr-dàta againn airson tagradh a chur a-steach.   Ma bhios tu soirbheachail, toisichidh an taic trath ann an 2019.

Na dh’fheumas tu a chur san fhoirm tagraidh agad (gu h-ìosal):
 

  • D’ fhiosrachadh pearsanta.
  • Aithris air d’ eòlas iomchaidh agus d’ eachdraidh foillseachaidh.
  • Earrann air a lìonadh airson ‘Mu dheidhinn do phròiseact’.
  • Earrann den sgrìobhadh agad. Faodaidh an earrann sgrìobhaidh agad a bhith mar phìos obrach a chaidh fhoillseachadh roimhe, pìos air a bheil thu ag obair, no cothlamadh de na dhà. Faodaidh seo a bhith a’ gabhail a-steach sgeulachdan goirid, dàin no às-earrann bho phìos obrach nas fhaide. (Suas gu: 3,500 facal, 10 duilleagan de bhàrdachd, 15 duilleagan de sgriobt.)  
  • Ma tha an earrann agad mar às-earrann bho phìos obrach nas fhaide, feuch gun cuir thu geàrr-iomradh leis. Bu chòir dhaibhsan a tha a’ cur a-steach bàrdachd no sgriobt, iomradh goirid mun phròiseact aca a chur còmhla ris. (Suas gu: 500 facal)

 Cur a-steach an tagraidh agad:  
 

  • Tha  sinn a’ moladh dhut gu làidir do fhreagairtean a chur ann an ‘document’ air leth, gus a bhith comasach air an  sàbhaladh agus an ath-dhreachadh ma bhios feum air.
  • Feuch nach cuir thu ceanglaichean-lìn no ceanglaichean gu làraich-lìn an lùib do thagraidh.  

 Airson ceistean sam bith, cuir post-d gu: applications@scottishbooktrust.com.